Bhuannaich na Los Angeles Lakers an coigheamh gaisgeachd deug aca an-dè. Rinn na Lakers a’ chùis aig deireadh sreath gheamaichean an aghaidh The Orlando Magic bhon bhaile Orlando (baile mòr ann am Florida le ceangal mòr ri Disney Inc - ‘s mar sin, “magic”). ‘S ann measail measail air na Lakers a tha muinntir LA. Bhuannaich iad a’ ghaisgeachd ann an 2000 is 2001 is 2002, cleas air a bheil “three-peat.” Chithear dathan na Lakers, purpaidh agus buidhe, air feadh a’ bhaile. Leis nach eil sgioba ball-coise Ameireaganach aig a’ bhaile, ‘s iad ball-basgaid agus ball-steidhe na cluichannan as mòr-chòrdte ann an LA. Agus aig an àm seo, tha na Dodgers aig mullach na lìogan ball-steidhe.
Lakers nan gaisgich a-rithist.
June 14th, 2009Sìde nan seachd sian
February 26th, 2009Bha eagal orm nach biodh California a Deas a’ dol a dh’fhaotainn uisge gu leòr am bliadhna seo. ’S ann san t-seachdain seo chaidh, ge-tà, anns an do ràinig sìleadh ionadail gun ìre abhaisteach. Bha an t-uisge ann fad sia laithean. ’S e naidheachd sgrathail math a th’ann, oir tha tiormachd air a bhith ann fad deich bliadhna. Tha sinn anns an treasa bliadhna de thiormachd chruaidh air feadh na stàite, a rèir an riaghaltais.
Stailc ann no às, tha oidhche Oscair a’ tighinn
February 9th, 2008
“Oscars” ri reic air Hollywood Boulevard
Tha an Los Angeles Times, prìomh phàipear-naidheachd a’ bhaile, ag aithris gum bi stailc nan sgrìobhaichean a’ tighinn gu crìoch, ’s docha DiLuain. Bha ceann-suidhe an Acadaimh a’ cumail a-mach an t-seachdain seo chaidh gum bi an oidhche mhòr a’ dol air adhart stailc ann no às. Thoisich Comann Sgrìobaichean Ameireaga an stailc an 5mh latha den t-Samhain.
Tha ceòl beò fhathast ann an Los Angeles
February 1st, 2008Fear òg ealanta
Fo-thalamh Los Angeles
December 14th, 2007An Loidhne Dhearg ann an Hollywood. Bidh mòran de dhaoine a’ cleachdadh goireasan-siubhal poblach ann an Los Angeles.
Dè a’ Ghàidhlig nas fheàrr air public transport?
700 mìle ceàrnagach air losgadh, 1,600 dachaigh air sgrios
October 25th, 2007Tha Radio nan Gaidheal ag aithris an-diugh:
“Tha dòchas ann gu socraich a’ ghaoth a th’ air a bhith a’ toirt air teintean a bhith a’ sgaoileadh ann an California. Thuirt oifigearan gun tàinig air mu mhillean duine an dachannan fhàgail - agus tha an Ceann-suidhe Bush a’ dol a thadhal air an stàid an-diugh.”
Ach chan eil am pàipear-naidheachd The L.A. Times cho cinnteach às na figearan sin an-diugh. Tha luchd-naidheachd aig a’ phaipear-naidheachd a’ sgrìobhadh gu bheil e colthach a’ mheas de 1,000,000 fada ro àrd, agus b’e figear mar 300,000 duine air fhàgail na dachaighean aca am figear nas ceirte. Tha sinn uile glè thoilichte nach do chaill mòran am beatha.
Tha tòrr toit ann fhathast, agus fàileadh sùith, tha sin cinnteach, agus chan eil e glè fhurasta a dh’anailaich. Chan eil i gaothach idir ann an L.A. fhèin.
Chan e Pàrras a th’ann ach Ifrinn
October 22nd, 2007Làidir teòm thu, neo-thais ann an spàirn
September 20th, 2007
Cailean aig na geamaichean X ann L.A.
Beannachd leat, a Chailein - bidh ionndrainn mhòr ort ann an L.A. cuideachd.
Uamhas
March 30th, 2007A’ bheinn as fhearr leam ann an L.A. - Beinn Cahuenga - a’ losgadh an-diugh
Càite bheil an t-uisge?
March 30th, 2007‘S e a’ chiad latha dhen Earrach a bh’ann o chionn ghoirid. A bheil sibh a’ smaoineachadh gum bi a’ ghrian ann an L.A. gu brath? Cha bhi. ‘S e latha gruamach sgòthach fuar a bh’ann an-sin. ‘S docha gun robh beagan uisge ann, an-siud ’s an-seo, ach cha robh uisge gu leòr ann gun teagamh.
Chan eil ach dà “ràith” ann an California a Deas: ràith thioram agus ràith fhliuch. Tha an ràith fhliuch a’ tighinn gu crìch a dh’aithghearr, ach cha robh i glè fhliuch idir. Bha i cho tioram am bliadhna seo gum bi cunnart theine ann fhathast.
Chan eil bliadhna nas tiorma riamh a rèir Seirbheis Nàiseanta na h-Aimsire. Bhon Iuchar 2006 cha do thuit ach 6.10 cm dhen uisge.
Agus an-diugh, tha teine mòr a’ losgadh ann am pàirc mhòr a’ bhaile fhèin…




