Deagh bhiadh
‘Se luchd-bìdhe no “foodies” a tha mòran de dhuine LAach. ‘S toil leinn a bhith nar cocaire ’s nar gourmet fad na h-uine. Seo biadh an fheasgar air a’ bhòrd agamsa o chionn goirid. Bhruich mi deagh risotto le asparagus, agus tha bradan ann cuideachd. Cheannaich mi na h-asparagus aig feill thuathanach Hollywood, agus am bradan aig bùth Trader Joe’s leis a h-uile rud eile (arborio agus càise Parmegiano agus stock - ciamar a chanas mi stock ’sa Ghaidhlig?)
