Archive for November, 2005

Aig a’ phump

Wednesday, November 16th, 2005

Tha a’ phrìs peadroil a’ dol sìos gu luath. Thuit i fo USD 2.50/galan Disathairne (GBP 1.44) mu dheireadh thall. ‘Se sin a’ phrìs as lugha a chunnaic mi ged-ta. ‘Sann aig BP/Arco a bha i. Phàigh mi seachd dollars air fhichead (còig notichean deich) an t-amar agam a lìonadh a bhon-dè co-dhiu.

Buaidh mhòr an t-sluaigh

Wednesday, November 9th, 2005

Cha do rinn chùis Schwarzenegger idir, agus thug muinntir Los Angeles bhota airgead a thogail airson ath-leasachaidh nan sgoiltean.

Cuir crìoch air Terminator

Tuesday, November 8th, 2005

Thug mi bhòta gu h-aindeònach an-diugh. Chosg an taghadh sònraichte millleanan not.

Sunday, November 6th, 2005

Chaidh 13 daoine a chiùrradh ann an tubaist air an t-Orange Line Dimairt. Cha do stad draibhear car aig an t-solas rathaid.

Mura bheil car agaibh

Friday, November 4th, 2005

Dh’fhosgail an Orange Line anns an t-Srath San Fernando Disathairne. ‘Se sin an treas loidhne còmhdail phoblach fosgladh o 1998. ‘S urrain do dhuine siubhal o thaobh an iar an t-Srath San Fernando gu North Hollywood ann an “busway.” Ruithidh an Orange Line eadar Canoga Park ‘s North Hollywood, far a coinnichidh e an Red Line. Theid an Red Line gu meadhan a’ bhaile. Dh’fhosgail an Red Line ann an 1998. ‘Se an Gold Line an darna loidhne fosgladh o 1998, ‘s e na ruith eadear meadhan a’ bhaile Los Angeles agus Pasadena.
Tha e doirbh còmhdail phoblach a chur a cois ann an LA, far am bi an car smachdail. Chan eil furasda cleachdadh nas motha, saor o turasan goirid.

An toil leibh Art Deco?

Thursday, November 3rd, 2005

Seo The Argyle, taigh-òsda air an t-Sunset Strip.

AAA017