Archive for October, 2006
Cha robh an t-uisge ann
Wednesday, October 25th, 2006Coiseachd monaidh, doigh Caileafornach. Chan eil an geamhreadh a’ tighinn idir. Chunnaic sinn beagan fhèidh agus eòin gu leòr (dusan fithich a’ cluich air mullach, bha sin math dha riribh). Leughaibh storaidh an turais (’sa bheurla) aig làrach-lìn an caraid agam Raibeart:
http://www.celsius1414.com/node/1283
‘Se foghar goirid a bh’ann.
Thursday, October 19th, 2006An-dè agus an-diugh: soilleir ’s brèagha ’s blàth ’s tioram ’s teth. 30 *C!
Cha do mhaire am foghar gu fada. Tillidh e, tha sin gu cinnteach.
Am bheil sibh nur gumshoe?
Wednesday, October 18th, 2006Los Angeles. 1940. ‘Se baile mòr, cruaidh a th’ann.
Seo geam bhideo ùr:
http://www.rockstargames.com/lanoire/splash.html
Cha bhi mi a’ cluich geamaichean bhideo idir, ach tha am fear seo glè tharraingeach, nach eil?
Thàinig am Foghar
Saturday, October 14th, 2006Tha an t-uisge ann! Thàinig frasan beaga, troma tron bhaile an-dè. Feumaidh mi sgàilean-uisge ùr a cheannaic. Sin a’ chiad frasan o chionn a’ Ghiblean. Chan eil ach dà ràith na bliadhna aig Los Angeles: leth na bliadhna teth ’s tioram, agus leth na bliadhna fliuch ’s fuar.
Taing mhòr do StuSeeger o Fhlickr airson deilbh math Los Angeles fo frasan. Sin Hollywood aig ceann a’ bhogha-fhrois.
Nuair a bhios an t-uisge ann,
bi an adhar slàn, glan
Tha am Foghar a’ tighinn
Thursday, October 12th, 2006Chunna mi eun beag - Oregon Junco no Junco Hyamalis - anns a’ gharradh mo mhàthar DiSathairne seo chaidh. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil am Foghar a’ tighinn. Tha na h-eòin seo a’ fuireach ann an Canada agus an USA a tuath (far am bheil an staid Oregon) fada an samhradh. Taing do Mhìchel airson an deilbh. Seo tuilleadh fiosrachaidh: http://www.birds.cornell.edu/AllAboutBirds/BirdGuide/Dark-eyed_Junco_dtl.html
Talpra, Magyar!
Friday, October 6th, 2006Tha mi toilichte gum bi am prògram Eòrpa a’ toirt sùil air cuimhneachd cudromach - 1956 ann an Ungaire. ‘Se cuimhneachd cudromach dhomsa cuideachd. Bha m’athair an sàs ann.
A-rèir riaghaltas na h-Ungaire, tha coimhearsnachd mhòr chudromach de daoine ungaireach ann an L.A. Seo co-thuiteamas inntinneach. Chunnaic mi an carragh do na h-ungairich seo aig Square Mindszenty fad ’sa bha mi a’ draibheadh tron bhaile a-raoir.
Dè tha “Talpra, Magyar” a’ ciallachadh? Leugh mu a dheidhinn an seo
Chollywood
Sunday, October 1st, 2006Tha coimhearsnachd mhòr Iudach ann an Los Angeles. Seo buill a’ choimhearsnachd chaisidigeach (Chasidic) air sraid Labrea latha na sàbaid (am fìor latha na sàbaid) o chionn goirid. Tha iad a’ cur aodach bho 18mh linn orra fhathast.





