Talpra, Magyar!

Tha mi toilichte gum bi am prògram Eòrpa a’ toirt sùil air cuimhneachd cudromach – 1956 ann an Ungaire. ‘Se cuimhneachd cudromach dhomsa cuideachd. Bha m’athair an sàs ann.

A-rèir riaghaltas na h-Ungaire, tha coimhearsnachd mhòr chudromach de daoine ungaireach ann an L.A. Seo co-thuiteamas inntinneach. Chunnaic mi an carragh do na h-ungairich seo aig Square Mindszenty fad ‘sa bha mi a’ draibheadh tron bhaile a-raoir.

Dè tha “Talpra, Magyar” a’ ciallachadh? Leugh mu a dheidhinn an seo

Leave a Reply

You must be logged in to post a comment.