Tha am Foghar a’ tighinn
Chunna mi eun beag - Oregon Junco no Junco Hyamalis - anns a’ gharradh mo mhàthar DiSathairne seo chaidh. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil am Foghar a’ tighinn. Tha na h-eòin seo a’ fuireach ann an Canada agus an USA a tuath (far am bheil an staid Oregon) fada an samhradh. Taing do Mhìchel airson an deilbh. Seo tuilleadh fiosrachaidh: http://www.birds.cornell.edu/AllAboutBirds/BirdGuide/Dark-eyed_Junco_dtl.html

October 13th, 2006 at 0252
Am bidh thusa a’ toirt biadh dha na h-eòin tron Gheamhradh Alasdair. Tha sin gu math cumanta ann an Alba. Tha am foghar a’tighinn agus tha na duilleagan a’ tionndadh ach chan eil e fuar fhathast agus tha mo chuid tomatoes agus peppers a’ fàs sa taigh-gloinne agam agus chan eil bacadh sam bith orra idir.
October 14th, 2006 at 1336
Tha ceist math aig Graisg. Tapadh leibh, a Ghraisg!
Cha toir, agus seo carson. Tha an Geamhradh againne ciùin. Bidh na preasan ’s fliurichean a’ fàs fad an ràith. Tha pailteas biadh aig na h-eòin. ‘S fhearr leam a bhith a’ toirt fàs air preasan ’s fluirichean à California fhèin. Tha iadsan glè fheumail do na h-eòin. ‘S iomadh lusan o thall thairis no taobh a-muigh California agus tha sin a’ toirt duilgheadas air an àrainneachd (coltach ri Beurla ’sa Gàidhealtachd…)