Glasraich na t-Samhain
Monday, November 13th, 2006Thog mi an dealbh seo a bhon-dè. Tha sinn a’ toirt fàs air glasraichean geamhraidh a-nis aig taigh mo mhathair. Sin biotais agus leiteis agus càl collaig agus brocoillidh (brocolli).
Thog mi an dealbh seo a bhon-dè. Tha sinn a’ toirt fàs air glasraichean geamhraidh a-nis aig taigh mo mhathair. Sin biotais agus leiteis agus càl collaig agus brocoillidh (brocolli).
Seo “Loch Hollywood.” Tha e suidhichte eadar Beinn Cahuenga agus meadhan a’ bhaile Hollywood, faisg air an sanas Hollywood ainmeil. ‘Se tasgadh-uisge a th’anns an loch. Chaidh e a thogail eadar 1923 agus 1925.
Thog am baile Los Angeles dàm airson canyon mòr a lìonadh le uisge. ‘Se Dàm Mulholland a th’air. Bha Uilleam Mulholland à Bèal Feirste. Bha e na innleadair agus bha e ag obair airson uisge a thoirt gu Los Angeles o fad air falbh.
|
||||||||||||||||
Agus dè mu dheidhinn an fhaclair seo? An e deagh BhBC Ghàidhlig a th’ann?
An Taghadh USA 2006
‘S abhaist dhomh bhòtadh a-riamh. Tha mi a’ dol a bhòtadh gu toilichte a-màireach. Am bheil sinn a’ dol a dh’atharrachadh an riaghladh? Tha mise ag iarraidh atharrachaidh e. Tha e coltach gu bheil an sluagh Aimearaganach ag aontachadh rium. ‘Se taghadh cudromach a th’ann aig an ìre nàiseanta.
‘Se taghadh aig ìre nan stàitean cuideachd. Tha Arnold Schwarzenegger (Republican) agus Phil Angelides (Democrat) a’ strì ri chèile airson oifis an riaghladair California. Tha an saoghal uile eòlach air Arnold. Chan e ach fear-poileataics abhaisteach a tha Phil, ’s mar sin tha e air call cheana.
Chaidh mi a dh’fhaicinn geam ball-coise o chionn ghoirid. ‘Se latha deireannach an sèasan a bh’ann. Bha Chivas USA a’ cluich an aghaidh Real Salt Lake. Tha Chivas USA à Los Angeles, agus tha Real Salt Lake à Baile Salt Lake ann an Utah.
Chan eil ach aon lìog ball-coise proifeiseanta anns na Stàitean Aonaichte, agus chan eil ach 12 clubaichean aig an lìog. Tha sin ceart. 12. Tha dà sgioban aig gach club, am prìomh 11 agus an sgioba tasgadh. Tha dà chlub aig Los Angeles: Chivas USA agus An Galaxy. ‘Se club ainmeil à Guadalajara a tha Chivas, ’s mar sin ’se daoine Meagsagach a th’anns a’ mhòrchuid dhen luchd-taic Chivas USA. Tha ‘chivas’ a’ chiallachadh ‘gobhair’ ’sa Spàinntais.
‘Se geam math a bh’ann. Fhuair Chivas a’ chiad tadhal anns a’ chiad leth, ach fhuair Real Salt Lake an dàrna tadhal anns a’ mhionaid dheireannach de dàrna leth a’ gheam.
