Archive for February, 2007

Dimàirt ro na h-Oscars

Thursday, February 22nd, 2007

Dimàirt ro na h-Oscars
Oscar mòr oir agus a chàirdean - an Fhiann?

Tha obair gu leòr ann gus an oichdhe mhòir. Tha traffic anns a’ choimhearsnachd dìreach uamhasach ri linn sraidean duinte.

Dimàirt ro na h-Oscars

Na Filmichean Goirid

Tuesday, February 20th, 2007



Na Filmichean Goirid

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Chaidh mi a dh’fhaicinn na filmichean goirid oidhche Domhnaich. Bha iad glè inntinneach. Chord dà fhilm glè mhath rium : Our Savior à Astralia agus The Good Idea à Senegeal.

24/7 air Hollywood Boulevard

Monday, February 19th, 2007

Tha iad ag obair fad na h-uine a-nis, agus cùmaidh iad air gus an latha sonraichte. Thog mi an dealbh seo aig leth-uair an deidh meadhan-oidhche.

24/7 air Hollywood Boulevard

Cuirear am brat-ùrlar dearg anns a’ Ghailearaidh Mòr a dh’aithgearr. Chan eil fhios agam dè an t-ainm nas fhearr airson seo. ‘Se trannsa mòr luachmhor a th’ann. Togaidh mi tuilleadh dhealbhan dheth an ùine goirid.
An Gaileiridh Mòr aig an Taigh-cluiche Kodak


Pròiseact inneal

Monday, February 19th, 2007

Chaidh mi a dh’fhaicinn taisbeanadh ùr aig Proiseact Inneal a-raoir ann an Echo Park

Chaidh mi an-sin còmhla ri bana-caraidean agam Leah agus Marcia. Bha Bill, duine aig Marcia, tinn agus dh’fhan e dhachaigh. As deidh a bhith coimhead an ealain, chaidh sinn gu Taix, taigh-bìdh Frangach air Sunset Boulevard, far an robh sinn ag ithe fheusgannan agus canard à l’orange agus ag eisteachd ceòl country-rock anns a’ bhar.

Tha tuilleadh fiosrachadh air Mark Allen agus Machine Project an-seo

Tha dealbh math a’ phìosa-ealaine an-seo

Ball-coise: L.A. Galaxy an aghaidh Oilthigh Loyola Marymount

Friday, February 16th, 2007

LMU vs. LA Galaxy

Bidh fhios aig a h-uile daoine gu bheil Dabhaidh Beckham a’ tighinn gu Los Angeles agus ’sann aig sgioba LA Galaxy a bhuineas e. Uill tha Becks ann am Madrid fhathast, ach bha geam cairdeil ann an-dè eadar sgioba ùr aige agus sgioba à oilthigh fàisg air làimh. Chaidh mi a dh’fhaicinn an geam agus chord e rium glan. Bhuannaich LA Galaxy dà thadhal gu neoni.
‘Sann aig OLM (LMU ’sa Bheurla) a bha mi nam oileanach, agus tha mi nam leabharlannaiche an sin a-nis. ‘Sann anns an earrach a thoiseachas an sèasan ball-coise proifeasanta ann an USA.

Seo dealbh eile. Airson tuilleadh dhealbhan, putaibh air - tha torr a bharrachd ann aig Flickr agam.

LMU vs. LA Galaxy

Adhartas a bharrachd an-diugh

Thursday, February 15th, 2007

Adhartas

Thog iad na suidheachan an-dè. Sealladh eile shìos.

IMG_0683.JPG

Adhartas air an rionnag ùr cuideachd.

Rionnag na Doors: an treas latha

Thursday, February 15th, 2007

Tha rionnag ùr aig… The Doors

Tuesday, February 13th, 2007


Tha rionnag ùr aig… The Doors

Cò eile? Faighibh a-mach an seo:

http://hollywoodchamber.net/icons/walk_fame.asp


Toiseach toiseachaidh

Monday, February 12th, 2007

gu soilleir?

Am bheil seo gu soilleir?

Toiseach toiseachaidh
Tha iad a’ toiseachadh na sràidean a dhùnadh agus ballan-bacaidh a chur suas.
Toiseach toiseachaidh

Tha torr luchd-tàireainteachd ann.

IMG_0657.JPG

Chan eil càil a dh’fhios agam dè nì am fear seo. Saoil gu bheil rionnag ùr a’ dol ann?

Clàr taobh a-muigh Ionad Hollywood ’s Highland

Sunday, February 11th, 2007

Clàr taobh a-muigh Ionad Hollywood ’s Highland
Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Dè chì sinn taobh a-staigh?

IMG_0617.JPG

Lean gu dlùth ri cliù do shinnsre
– ars Fionn gu Oscar