Uamhas
Friday, March 30th, 2007A’ bheinn as fhearr leam ann an L.A. - Beinn Cahuenga - a’ losgadh an-diugh
A’ bheinn as fhearr leam ann an L.A. - Beinn Cahuenga - a’ losgadh an-diugh
‘S e a’ chiad latha dhen Earrach a bh’ann o chionn ghoirid. A bheil sibh a’ smaoineachadh gum bi a’ ghrian ann an L.A. gu brath? Cha bhi. ‘S e latha gruamach sgòthach fuar a bh’ann an-sin. ‘S docha gun robh beagan uisge ann, an-siud ’s an-seo, ach cha robh uisge gu leòr ann gun teagamh.
Chan eil ach dà “ràith” ann an California a Deas: ràith thioram agus ràith fhliuch. Tha an ràith fhliuch a’ tighinn gu crìch a dh’aithghearr, ach cha robh i glè fhliuch idir. Bha i cho tioram am bliadhna seo gum bi cunnart theine ann fhathast.
Chan eil bliadhna nas tiorma riamh a rèir Seirbheis Nàiseanta na h-Aimsire. Bhon Iuchar 2006 cha do thuit ach 6.10 cm dhen uisge.
Agus an-diugh, tha teine mòr a’ losgadh ann am pàirc mhòr a’ bhaile fhèin…
8mh den Mhàrt 2007 - Latha eadarnàiseanta bhoireannach
‘Se mìos eachdraidh afracanach ameireaganach a th’ann an Gearran agus ’se mìos eachdraidh bhoireannach a th’ann am Màrt. ‘Se Los Angeles cuspair a’ bhloig seo. Mar sin tha mi a-mach air Hadda Brooks an-diugh.
Rugadh agus thogadh Hadda Brooks - née Hadda Hopgood - ann am Boyle Heights, Los Angeles, sgìre faisg air meadhan a’ bhaile. Bha na daoine aice à Georgia. ‘Se cluicheadair piano math fhèin a bh’innte. Bha i gu math ainmeil cheana mar cluicheadair piano boogie nuair thoisich i seinn air ard-ùrlar. Bha i na seinneadair blues.
Nochd Hadda ann am filmichean anns na 1950an agus anns na 1990an, mar shamhla ann am film In a Lonely Place còmhla ri Humphrey Bogart. Bha i na cuirmear telebhisean anns na 1950an cuideachd - a’ chiad boireannach afracanach ameireaganach le prògram telebhisean aice fhèin.
‘S urrainn do dhaoine ceòl le Hadda a dh’eisteachd saor an asgaidh aig làrach-lìn Rhapsody (http://www.rhapsody.com/haddabrooks)
Seo agallamh inntinneach a rinn i:
http://www.umich.edu/~afroammu/standifer/brooks.html
Bha Marathon Mòr L.A. ann an-diugh. Tha e coltach gu bheil am balach beag seo coma co-dhiu. Cha robh mi ann, ach bha luchd-Flickr gu leòr ann. Tha e furasda a’ deanamh blog còmhla ri luchd-Flickr. Taing mhòr do Lord Jim.
Thàinig an aimsir theth air ais cuideachd. Chan eil sin dona, ach bha beagan aimsir fhuar spòrsail (uill, cha robh ach 8-10 C, ach ’sann fuar a tha sin ann an LA!) Bidh i 24 C a-maireach.
‘S urrain do dhaoine fhaotainn aithris làthail air an aimsir LA aig làrach-lìn filmeadair ainmeil David Lynch:
http://www.davidlynch.com/
Ruairidh MacIlleathain! Meallaibh ur naidheachd, A Ruaridh, air taisbeanadh Litir do Luchd-Ionnsachaidh aireamh 400!! Agus taing mhòr mhòr o luchd-ionnsachaidh air feadh an t-saoghal. Ach cò an cuspair an 400mh litir ach… An Fhèinne agus Oscar fhèin!