Archive for January, 2012

Chan e am Balla Bherlin a tha seo

Tuesday, January 24th, 2012

Seo frith-rathad rothadairean a tha a' ruith ri taobh loidhne trean as ùire a' bhaile - An Loidhne "Expo". Smaoinich mi gun robh e a' coimhead coltach ris a' Bhalla Bherlin!

Stèisean an Aonaidh

Friday, January 13th, 2012

Seo talla nan ticeadean ann an Stèisean an Aonaidh. Chan eil an talla seo ga chleachdadh ann an latha an diugh air sàilleibh atharrachaidhean mòra anns na doighean siubhal sna Stàitean. Tha an talla na eisimpleir den ailtireachd mission revival a bha glè chumanta ann an California eadar 1900 agus 1940.

Na poitean-smùide

Saturday, January 7th, 2012

 Seo poit-smuide na sheasamh ri taobh craobhan orainsear. Bha tuathanaich orainseir gan cleachdadh airson eigh a’ cumail falbh bho na craobhan nuair a bha tìde fuar ann.