Archive for the ‘àitichean sònraichte’ Category

Stèisean an Aonaidh

Friday, January 13th, 2012

Seo talla nan ticeadean ann an Stèisean an Aonaidh. Chan eil an talla seo ga chleachdadh ann an latha an diugh air sàilleibh atharrachaidhean mòra anns na doighean siubhal sna Stàitean. Tha an talla na eisimpleir den ailtireachd mission revival a bha glè chumanta ann an California eadar 1900 agus 1940.

An t-Abstol do Chalifornia: Beannaichte Junipero Serra, OFM

Sunday, January 30th, 2011

Rugadh e ann am Majorca ann an 1713. Chaidh e a-steach do dh’Òrdugh nam Bràithrean Beaga, na Frainseasaich, aig 17 bliadhna dh’aois ann an 1730. Bha inntinn mhath aige, oir fhuair e an cathair feallsanachd Duns Scotus ann an Oilthigh Palma de Mallorca ann an 1744. Ràinig e An Spàinn Nuadh ann an 1749. ’S ann bho Chalifornia a Tuath gu Panama a shìn an tìreachas Spàinnteach aig an àm sin, agus bha Baile Mheagsago na phrìomh bhaile. Cha robh mòran daoine Eòrpach anns na ceàrnaidhean mu thuath an tìreachais, ach bha a liuthad nàisean dùthchasach ann.

’S ann mar ollamh a thòisich Serra ann an Spàinn Nuadh, ach thionndaidh e a bhith na mhiseanaraidh o chionn ghreis. Chaidh e ag obair a-measg na Xi’úi ann an roinn gu tuath air Baile Mheagsago. Dh’ionnsaich e cànan nan Xi’úi agus dh’eadartheangaich e an leabhar-cheist Caitligeach dha.

Anns na laithean sin, bha an tagradh Spàinnteach air California caran cugallach. Dh’fheumadh iad tìreachas dèanamh dheth ro dhèanadh na cumhachdan Eòrpach eile an aon rud. Agus dh’iarr na Frainseasaich a dhèanamh Crìosdaidhean den daoine dùthchasach. Chaidh Fray Junipero do Chalifornia. Mar a b’abhaist, shiubhail e air a chasan fhèin a-mhàin. Stèidhich e naoi miseanan eadar San Diego de Alcalá agus San Francisco de Asís ro bhàsaich e ann an 1784. Thug na Spàinntich air na daoine dùthchasach a’ dol a-steach dhan na miseanan airson an dòigh-beatha Eòrpach a dh’ionnsachadh. Ma ghabh neach ris an iompachadh, cha robh e ceadaichte falbh gu brath. Bha saighdearan Spàinnteach ann còmhla ris na Frainseasaich.

Chaidh Fray Junipero Serra air ainmeachadh beannaichte leis a’ Phàp Iain Pòl II ann an 1988. ’S e “abstol do Chalifornia” a th’ann am Frainseasach mar sin, ach tha sin gu math conspaideach leis an sgrìos a rinn am polasaidh tìreachail Spàinnteach air na h-Ameireaganach Tùsanach. ’S ann an an Carmel a tha an uaigh aige, anns a’ mhisean a stèidhich e fhèin ann an 1770.

24/7 air Hollywood Boulevard

Monday, February 19th, 2007

Tha iad ag obair fad na h-uine a-nis, agus cùmaidh iad air gus an latha sonraichte. Thog mi an dealbh seo aig leth-uair an deidh meadhan-oidhche.

24/7 air Hollywood Boulevard

Cuirear am brat-ùrlar dearg anns a’ Ghailearaidh Mòr a dh’aithgearr. Chan eil fhios agam dè an t-ainm nas fhearr airson seo. ‘Se trannsa mòr luachmhor a th’ann. Togaidh mi tuilleadh dhealbhan dheth an ùine goirid.
An Gaileiridh Mòr aig an Taigh-cluiche Kodak


Adhartas a bharrachd an-diugh

Thursday, February 15th, 2007

Adhartas

Thog iad na suidheachan an-dè. Sealladh eile shìos.

IMG_0683.JPG

Adhartas air an rionnag ùr cuideachd.

Rionnag na Doors: an treas latha

Thursday, February 15th, 2007

Am Bàbilon Nuadh

Tuesday, February 6th, 2007

agus rinn iad gàirdeachas ann an obraichean an làmhan fhein 'Se Bàbilon a th'ann gu dearbh

agus rinn iad gàirdeachas ann an obraichean an làmhan fhein

“Seagh, thog sibh suas pàillean Mholoich, agus reul ur dè Remphan, dealbhan a rinn sibh a-chum adhraidh dhaibh: uime sin atharraichaidh mi sibh an taobh thall de Bhàbilon… “

Slighe nan reultan

Monday, February 5th, 2007

Seo pìos beag slighe nan reultan air beulaibh an Taigh-cluiche Kodak. Tha an t-slighe na ruith thar meadhan a’ bhaile. Thill deas-gnàth nan duaisean* do dh’Hollywood ann an 2002.

Walk of Fame Kodak Theatre

*awards ceremony a rèir faclair MhicThomais

Cò an t-actair?

Saturday, February 3rd, 2007

Chaidh mi gu Taigh-cluiche Kodak an-dè. Tha taigh-cluiche El Capitan mu chonneimh an Kodak air Hollywood Boulevard. Chunnaic mi gun robh prìomh-thaisbeanadh film ann an-sin. ‘Sann aig Disney a tha El Capitan. ‘Se fior thaigh-cluiche a bh’ann o thùs, anns na 1920an. Thog me an dealbh seo. Uaireigin, chluich an actair seo role gu math ainmeil, còmhla ri an riaghladair California, Arnold Schwarzenegger. An aithne dhuibh an t-actair no am film?

Cleasaiche a' sgriobhadh autograph

Bidh red carpet gu leòr ann an ùine gheàrr

Thursday, February 1st, 2007

Seo aghaidh An Taigh-cluiche Kodak air Hollywood Boulevard. Togaidh mi dealbhan dheth tro na làithean ri teachd.

Aghaidh an taigh-cluiche Kodak

“Loch” Hollywood

Wednesday, November 8th, 2006

Seo “Loch Hollywood.” Tha e suidhichte eadar Beinn Cahuenga agus meadhan a’ bhaile Hollywood, faisg air an sanas Hollywood ainmeil. ‘Se tasgadh-uisge a th’anns an loch. Chaidh e a thogail eadar 1923 agus 1925.

IMG_0082.JPG

Thog am baile Los Angeles dàm airson canyon mòr a lìonadh le uisge. ‘Se Dàm Mulholland a th’air. Bha Uilleam Mulholland à Bèal Feirste. Bha e na innleadair agus bha e ag obair airson uisge a thoirt gu Los Angeles o fad air falbh.