Archive for the ‘An Gnìomhachas’ Category

Stailc ann no às, tha oidhche Oscair a’ tighinn

Saturday, February 9th, 2008

Oscars beaga
“Oscars” ri reic air Hollywood Boulevard

Tha an Los Angeles Times, prìomh phàipear-naidheachd a’ bhaile, ag aithris gum bi stailc nan sgrìobhaichean a’ tighinn gu crìoch, ‘s docha DiLuain. Bha ceann-suidhe an Acadaimh a’ cumail a-mach an t-seachdain seo chaidh gum bi an oidhche mhòr a’ dol air adhart stailc ann no às. Thoisich Comann Sgrìobaichean Ameireaga an stailc an 5mh latha den t-Samhain.

Dimàirt ro na h-Oscars

Thursday, February 22nd, 2007

Dimàirt ro na h-Oscars
Oscar mòr oir agus a chàirdean – an Fhiann?

Tha obair gu leòr ann gus an oichdhe mhòir. Tha traffic anns a’ choimhearsnachd dìreach uamhasach ri linn sraidean duinte.

Dimàirt ro na h-Oscars

24/7 air Hollywood Boulevard

Monday, February 19th, 2007

Tha iad ag obair fad na h-uine a-nis, agus cùmaidh iad air gus an latha sonraichte. Thog mi an dealbh seo aig leth-uair an deidh meadhan-oidhche.

24/7 air Hollywood Boulevard

Cuirear am brat-ùrlar dearg anns a’ Ghailearaidh Mòr a dh’aithgearr. Chan eil fhios agam dè an t-ainm nas fhearr airson seo. ‘Se trannsa mòr luachmhor a th’ann. Togaidh mi tuilleadh dhealbhan dheth an ùine goirid.
An Gaileiridh Mòr aig an Taigh-cluiche Kodak


Adhartas a bharrachd an-diugh

Thursday, February 15th, 2007

Adhartas

Thog iad na suidheachan an-dè. Sealladh eile shìos.

IMG_0683.JPG

Adhartas air an rionnag ùr cuideachd.

Rionnag na Doors: an treas latha

Thursday, February 15th, 2007

Toiseach toiseachaidh

Monday, February 12th, 2007

gu soilleir?

Am bheil seo gu soilleir?

Toiseach toiseachaidh
Tha iad a’ toiseachadh na sràidean a dhùnadh agus ballan-bacaidh a chur suas.
Toiseach toiseachaidh

Tha torr luchd-tàireainteachd ann.

IMG_0657.JPG

Chan eil càil a dh’fhios agam dè nì am fear seo. Saoil gu bheil rionnag ùr a’ dol ann?

Am Bàbilon Nuadh

Tuesday, February 6th, 2007

agus rinn iad gàirdeachas ann an obraichean an làmhan fhein 'Se Bàbilon a th'ann gu dearbh

agus rinn iad gàirdeachas ann an obraichean an làmhan fhein

“Seagh, thog sibh suas pàillean Mholoich, agus reul ur dè Remphan, dealbhan a rinn sibh a-chum adhraidh dhaibh: uime sin atharraichaidh mi sibh an taobh thall de Bhàbilon… “

Slighe nan reultan

Monday, February 5th, 2007

Seo pìos beag slighe nan reultan air beulaibh an Taigh-cluiche Kodak. Tha an t-slighe na ruith thar meadhan a’ bhaile. Thill deas-gnàth nan duaisean* do dh’Hollywood ann an 2002.

Walk of Fame Kodak Theatre

*awards ceremony a rèir faclair MhicThomais

Cò an t-actair?

Saturday, February 3rd, 2007

Chaidh mi gu Taigh-cluiche Kodak an-dè. Tha taigh-cluiche El Capitan mu chonneimh an Kodak air Hollywood Boulevard. Chunnaic mi gun robh prìomh-thaisbeanadh film ann an-sin. ‘Sann aig Disney a tha El Capitan. ‘Se fior thaigh-cluiche a bh’ann o thùs, anns na 1920an. Thog me an dealbh seo. Uaireigin, chluich an actair seo role gu math ainmeil, còmhla ri an riaghladair California, Arnold Schwarzenegger. An aithne dhuibh an t-actair no am film?

Cleasaiche a' sgriobhadh autograph

Sanas na h-Oscars

Friday, February 2nd, 2007

Sanas na h-Oscars aig Highland 's Melrose