Fo-thalamh Los Angeles
Friday, December 14th, 2007An Loidhne Dhearg ann an Hollywood. Bidh mòran de dhaoine a’ cleachdadh goireasan-siubhal poblach ann an Los Angeles.
Dè a’ Ghàidhlig nas fheàrr air public transport?
An Loidhne Dhearg ann an Hollywood. Bidh mòran de dhaoine a’ cleachdadh goireasan-siubhal poblach ann an Los Angeles.
Dè a’ Ghàidhlig nas fheàrr air public transport?
‘Se madainn bhrèagha a bh’ann an-dè. Cha robh cofaidh anns an taigh agam ’s mar sin chaidh me gu Coffee Bean & Tea Leaf ri taobh Nickelodeon on Sunset agus am Palladium. ‘S toigh leam an cafaidh ud, aig ceann eile a’ choimhearsnachd agam, mìle air falbh. Bha mi nam shuidhe air patio os cionn Sunset Boulevard. Leugh mi colbh no trì anns An Gaidheal Ur. Dh’ìth mi doughnut Krispy Kreme. Bhlian mi gu toilichte san solas grèine an deidh seachdain sgothach, gruamach.
http://www.giantrobot.com/podcast/gr43_therace.mov
Bha iad a’ dol a chluich “slow pitch soft ball”. ‘Se iris mu dheidhinn cultar Aisianach a th’ann an Giant Robot. Tha mòran de sgiobannan à na h-oifisean ’s aitichean obrach.
Dh’fhosgail an Orange Line anns an t-Srath San Fernando Disathairne. ‘Se sin an treas loidhne còmhdail phoblach fosgladh o 1998. ‘S urrain do dhuine siubhal o thaobh an iar an t-Srath San Fernando gu North Hollywood ann an “busway.” Ruithidh an Orange Line eadar Canoga Park ‘s North Hollywood, far a coinnichidh e an Red Line. Theid an Red Line gu meadhan a’ bhaile. Dh’fhosgail an Red Line ann an 1998. ‘Se an Gold Line an darna loidhne fosgladh o 1998, ‘s e na ruith eadear meadhan a’ bhaile Los Angeles agus Pasadena.
Tha e doirbh còmhdail phoblach a chur a cois ann an LA, far am bi an car smachdail. Chan eil furasda cleachdadh nas motha, saor o turasan goirid.
http://www.billboardawards.com/
(roghnaichibh “Sunset Strip” an aite “Times Square”)
Nuair a bha mi a’ dol air ais ’s air adhart air an Sunset Strip, agus mise a’ siubhail o flat agam gu UCLA gach latha, bha mi toilichte a’ faicinn na sanasan-reic mòra mòra.
Chunna mi TV star Diluain. Bha Frankie Muniz a’ draibhadh air Sunset Blvd. ann an car ur, VW bug, far am bi mise a’ dol gu banca.
Mapa nas fhearr aig Google
Sanas-reic as motha ’sa coimhearsnachd agam:
‘Se luchd-bìdhe no “foodies” a tha mòran de dhuine LAach. ‘S toil leinn a bhith nar cocaire ’s nar gourmet fad na h-uine. Seo biadh an fheasgar air a’ bhòrd agamsa o chionn goirid. Bhruich mi deagh risotto le asparagus, agus tha bradan ann cuideachd. Cheannaich mi na h-asparagus aig feill thuathanach Hollywood, agus am bradan aig bùth Trader Joe’s leis a h-uile rud eile (arborio agus càise Parmegiano agus stock - ciamar a chanas mi stock ’sa Ghaidhlig?)