Archive for the ‘Tìr nan Tongva’ Category

Latha air Huwaaly Kwasakyav

Wednesday, August 19th, 2009

Chaidh mi a streap air cliathaich beinn San Gorgonio o chionn ghorid. ‘S e beinn as àirde ann an California a Deas a th’innte, agus ‘s ann ann am pàirc nàiseanta a tha i na seasamh. Bha mi a’ streap còmhla ris a’ charaid agam Màta. B’abhaist dhuinn a bhith a streap cho tric sa gabhas air na beanntan beaga faisg air Los Angeles, ach bho àm gu àm bidh sinn a’ lorg euchd. Bha mi a’ fuireach aig taigh mo mhàthar fad deireadh na seachdaine, agus chaidh an teothachd suas gu 37 C, agus mar sin chuir e rhomhainn a dhèanamh air na beanntan San Bernardino agus adhar fionnar.

‘B e Huwaaly Kwasakyav a bh’orra anns a’ chànan dùthchasach Mojave. Chruthaich a’ chearb mhòr air a bheil Cearb San Andreas na beanntan seo. ‘S ann air crìoch-phleataichean a tha na beanntan San Bernardino nan seasamh. Bidh am bualadh eadar a’ phleit Pacific agus a’ phleit Ameireaga a Tuath a’ putadh tomad de dh’eibhir suas chun nan speuran. Tha iad fada nas àirde na beinn sam bith anns a’ Bhreatainn. ‘S ann aig 11,503 troigh an àirde a bhiodh tu air mullach Beinn San Gorgonio. Cha do ràinig sinn ach 7200 troigh an àirde air an latha sin.

Dh’fheumadh sinn dràibhadh 40 mìonaid a thìde bho srath San Bernardino suas rathad lùbach. Dh’fhag sinn a’ char aig car park anns a’ choille aig ceann an t-slighe “south fork” aig àirde 6900 troigh. Thòisich sinn a dhol suas tro choille thlachdmhòr, shàmhach. Bha beagan bùrn fhathast san srùthan, agus flùireachan an siud ‘s an seo fo na craobhan. An dèidh uair a thìde ràinig sinn “poop-out hill” agus sealltainn mhath air Beinn San Gorgonio.

Tìr nan Tongva

Saturday, January 28th, 2006

Is e na Tongva na muinntir dùthasach Los Angeles. Is e Innseanach Gabrielino ainm eile orra. Creididh eachdraichean gun do ràinig na Tongva an roinn Los Angeles eadar a’ chiad linn agus an còigeamh linn AD. Fuirichidh an sliochd anns an roinn fhathast. B’e luchd-cruinneachaidh-sealgaireachd a bh’annda bho thus. Bha iad nan sheòladairean cuideachd . Bruidhneadh iad cànan Uto-Astaigeach no Takic (bruidhnidh iad Beurla no Spainntis an-diugh). Is ann eadar 5,000 gu 8,000 a bha an aireamh-sluaigh aca mun t-seachdeamh linn deug. Fuireachadh iad ann an bailtean beaga air feadh na dùthcha aca. Fuirichidh 20 millean daoine anns an aon roinn an-diugh! Chuir na Tongva fàilte air na maraichean Spainnteach ann an 1542 nuair a ràinig Juan Rodriquez Cabrillo California a Deas. Thàinig inimrichean Eòrpach dà cheud bhliadhna an dèidh sin, agus dh’iarraidh iad na Tongva a chur fo smachd riaghaltais Spainnteach.