Archive for the ‘muinntir’ Category

Baile mòr, baile cruaidh

Sunday, February 4th, 2007

Baile mòr, baile cruaidh

“Ciamar a tha Los Angeles?” Chuir Aonghas ceist dhomh. ” ‘Se baile mòr, inntinneach, cruaidh a th’ann,” dh’fhreagair mi. ‘Sann fàisg air Taigh-cluiche Kodak a bha an dithis seo nan cadal. Tha 80,000 daoine gun taigh ann an Siorrachd Los Angeles.

Talpra, Magyar!

Friday, October 6th, 2006

Tha mi toilichte gum bi am prògram Eòrpa a’ toirt sùil air cuimhneachd cudromach - 1956 ann an Ungaire. ‘Se cuimhneachd cudromach dhomsa cuideachd. Bha m’athair an sàs ann.

A-rèir riaghaltas na h-Ungaire, tha coimhearsnachd mhòr chudromach de daoine ungaireach ann an L.A. Seo co-thuiteamas inntinneach. Chunnaic mi an carragh do na h-ungairich seo aig Square Mindszenty fad ’sa bha mi a’ draibheadh tron bhaile a-raoir.

Dè tha “Talpra, Magyar” a’ ciallachadh? Leugh mu a dheidhinn an seo

Chollywood

Sunday, October 1st, 2006


Chollywood

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Tha coimhearsnachd mhòr Iudach ann an Los Angeles. Seo buill a’ choimhearsnachd chaisidigeach (Chasidic) air sraid Labrea latha na sàbaid (am fìor latha na sàbaid) o chionn goirid. Tha iad a’ cur aodach bho 18mh linn orra fhathast.