’S e eun-creiche a th’ann an red-tailed hawk, agus ‘s e an t-eun-creiche mòr as soirbhaichaile ann an California a Deas. Ged a tha iolairean maola agus iolairean buidhe ann anns na beanntan agus anns na h-eileanan faisg air Los Angeles, chan fhaic thu anns a’ bhaile-mhòr fhèin iad. Chì thu an red-tailed hawk, no Buteo jamaicensis, air feadh a’ bhaile, ge-tà. B’abhaist dhaibh beathaichean beaga na macharach ithe, coltach ri luchan no coineanaich, ach anns a’ bhaile-mhòr, ’s e radain agus calmanan-creige am biadh a tha iad a’ gabhail as trice.
Archive for the ‘nadar’ Category
Rìgh nan Speuran
Wednesday, May 26th, 2010Luibh-eòlas: a’ Bharbrag
Sunday, April 4th, 2010Seo dealbh de bharbraig a thog mi o chionn ghoirid. Sgrìobh Ruairidh MacIlleathain mun bharbraig ann an Litir do Luch-ionnsachaidh 551. ‘S i Berberis nevinii a th’ innte (agus Mahonia nevinii), no Nevin’s Barberry. Chan eil fhios ‘am fhathast cò Nevin. Ge be preas dùthchasach a th’ ann ann an California a Deas, chan fhaicear a’ bharbrag seo gu tric, ‘s i tearc agus air liosta de phlanndrais ann an cunnart. Chan ann ach 500 air fhàgail, a rèir luchd-saidheans. Chunnaic mi an tè seo ann an ionad-àraich lusan Theodore Payne, far am bi iad a’ cur fàs air iomadh seòrsa de lusan dùthchasach.
Latha air Huwaaly Kwasakyav
Wednesday, August 19th, 2009Chaidh mi a streap air cliathaich beinn San Gorgonio o chionn ghorid. ‘S e beinn as àirde ann an California a Deas a th’innte, agus ‘s ann ann am pàirc nàiseanta a tha i na seasamh. Bha mi a’ streap còmhla ris a’ charaid agam Màta. B’abhaist dhuinn a bhith a streap cho tric sa gabhas air na beanntan beaga faisg air Los Angeles, ach bho àm gu àm bidh sinn a’ lorg euchd. Bha mi a’ fuireach aig taigh mo mhàthar fad deireadh na seachdaine, agus chaidh an teothachd suas gu 37 C, agus mar sin chuir e rhomhainn a dhèanamh air na beanntan San Bernardino agus adhar fionnar.
‘B e Huwaaly Kwasakyav a bh’orra anns a’ chànan dùthchasach Mojave. Chruthaich a’ chearb mhòr air a bheil Cearb San Andreas na beanntan seo. ‘S ann air crìoch-phleataichean a tha na beanntan San Bernardino nan seasamh. Bidh am bualadh eadar a’ phleit Pacific agus a’ phleit Ameireaga a Tuath a’ putadh tomad de dh’eibhir suas chun nan speuran. Tha iad fada nas àirde na beinn sam bith anns a’ Bhreatainn. ‘S ann aig 11,503 troigh an àirde a bhiodh tu air mullach Beinn San Gorgonio. Cha do ràinig sinn ach 7200 troigh an àirde air an latha sin.
Dh’fheumadh sinn dràibhadh 40 mìonaid a thìde bho srath San Bernardino suas rathad lùbach. Dh’fhag sinn a’ char aig car park anns a’ choille aig ceann an t-slighe “south fork” aig àirde 6900 troigh. Thòisich sinn a dhol suas tro choille thlachdmhòr, shàmhach. Bha beagan bùrn fhathast san srùthan, agus flùireachan an siud ‘s an seo fo na craobhan. An dèidh uair a thìde ràinig sinn “poop-out hill” agus sealltainn mhath air Beinn San Gorgonio.
Sìde nan seachd sian
Thursday, February 26th, 2009Bha eagal orm nach biodh California a Deas a’ dol a dh’fhaotainn uisge gu leòr am bliadhna seo. ’S ann san t-seachdain seo chaidh, ge-tà, anns an do ràinig sìleadh ionadail gun ìre abhaisteach. Bha an t-uisge ann fad sia laithean. ’S e naidheachd sgrathail math a th’ann, oir tha tiormachd air a bhith ann fad deich bliadhna. Tha sinn anns an treasa bliadhna de thiormachd chruaidh air feadh na stàite, a rèir an riaghaltais.
Tha am Foghar a’ tighinn
Thursday, October 12th, 2006Chunna mi eun beag – Oregon Junco no Junco Hyamalis – anns a’ gharradh mo mhàthar DiSathairne seo chaidh. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil am Foghar a’ tighinn. Tha na h-eòin seo a’ fuireach ann an Canada agus an USA a tuath (far am bheil an staid Oregon) fada an samhradh. Taing do Mhìchel airson an deilbh. Seo tuilleadh fiosrachaidh: http://www.birds.cornell.edu/AllAboutBirds/BirdGuide/Dark-eyed_Junco_dtl.html









