Archive for the ‘Coitcheann’ Category

Alba ann an LA

Tuesday, January 26th, 2010

Tha tòrr ainmean Albannach ann an LA. Bho àm gu àm cuiridh mi eiseimpleirean dhiubh an-seo.

sràid ghoirid fàisg air a' phàirc mhòir Griffith

sràid ghoirid fàisg air a' phàirc mhòir Griffith

Aig Oilthigh Caltech

Monday, January 18th, 2010

Chaidh mi a dh’èisteachd òraid inntinneach aig an oilthigh Caltech o chionn ghoirid. Bha an t-Ollamh Harvey Newman, sàr-neach-fiosaige, a’ bruidhinn mu dheidhinn an Hadron Collider Mòr ann an Geneva. Cha tuig mi mòran de na bha e ag ràdh, ach bha e soilleir gum bi iad a’ bualadh protoin ri chèile aig ìre de chumhachd mhòr mhòr. Mar sin ‘s urrainn dhaibh mìrean fo-atamach glè bheag is ainneamh a dh’fhaicinn. Bho àm gu àm, co-dhiu. Tha iad ag iarraidh bun an tomad a th’aig a h-uile rud a thuigsinn. Bha an t-Ollamh Newman a’ toirt seachad tòrr fiosrachadh mun chollider fhèin is mun t-saidheans is mu na teòraidhean air na tha iad a’ sgrùdadh. Bha luchd-èisteachd a’ lìonadh an ionad-èisteachd mòr agus dh’fhosgail iad am balconaidh air ar son. Bha mi fhìn agus mo charaid Bill nar suidhe ann am balconaidh le deagh shealladh an t-ollaimh agus na sleamhnain mhòra aige.

Craobh Chaorainn

Monday, January 11th, 2010

’S ann gu tric a chi thu craobh-chaorainn an Los Angeles. ‘S ann air feadh na leth-chruinne mu thuath a gheibhear an gnè mhòr de chraobh seo (an gnè air a bheil Sorbus). Tha seòrsaichean dùthchasach ann an California mar Shorbus americana, ach chan eil mi cinnteach ma ‘s e iad seo na seòrsaichean a gheibh thu fad sraidean a’ bhaile, oir tha seòrsaichean bhon Roinn Eòrpa air a chur fàs an seo cuideachd.

Sealladh eagallach

Sunday, August 30th, 2009

http://bit.ly/JiDIb

Camara air Beinn Wilson, an t-amharc-lann ainmeil, a’ coimhead air toit nan teintean.

Sìde nan seachd sian

Thursday, February 26th, 2009

Bha eagal orm nach biodh California a Deas a’ dol a dh’fhaotainn uisge gu leòr am bliadhna seo. ’S ann san t-seachdain seo chaidh, ge-tà, anns an do ràinig sìleadh ionadail gun ìre abhaisteach. Bha an t-uisge ann fad sia laithean. S e naidheachd sgrathail math a th’ann, oir tha tiormachd air a bhith ann fad deich bliadhna. Tha sinn anns an treasa bliadhna de thiormachd chruaidh air feadh na stàite, a rèir an riaghaltais.

Tha ceòl beò fhathast ann an Los Angeles

Friday, February 1st, 2008

Fear òg ealanta

http://www.thedouglaslee.com/videos.html

Làidir teòm thu, neo-thais ann an spàirn

Thursday, September 20th, 2007

Cailean aig na geamaichean X ann L.A.

Cailean aig na geamaichean X ann L.A.

Beannachd leat, a Chailein – bidh ionndrainn mhòr ort ann an L.A. cuideachd.

Uamhas

Friday, March 30th, 2007



Hollywood Hills Brush Fire

Originally uploaded by nailmaker.

A’ bheinn as fhearr leam ann an L.A. – Beinn Cahuenga – a’ losgadh an-diugh

Càite bheil an t-uisge?

Friday, March 30th, 2007



Latha Sgòthach

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

‘S e a’ chiad latha dhen Earrach a bh’ann o chionn ghoirid. A bheil sibh a’ smaoineachadh gum bi a’ ghrian ann an L.A. gu brath? Cha bhi. ‘S e latha gruamach sgòthach fuar a bh’ann an-sin. ‘S docha gun robh beagan uisge ann, an-siud ‘s an-seo, ach cha robh uisge gu leòr ann gun teagamh.

Chan eil ach dà “ràith” ann an California a Deas: ràith thioram agus ràith fhliuch. Tha an ràith fhliuch a’ tighinn gu crìch a dh’aithghearr, ach cha robh i glè fhliuch idir. Bha i cho tioram am bliadhna seo gum bi cunnart theine ann fhathast.

Chan eil bliadhna nas tiorma riamh a rèir Seirbheis Nàiseanta na h-Aimsire. Bhon Iuchar 2006 cha do thuit ach 6.10 cm dhen uisge.

Agus an-diugh, tha teine mòr a’ losgadh ann am pàirc mhòr a’ bhaile fhèin…

L.A. Marathon

Sunday, March 4th, 2007



march07 150

Originally uploaded by Lord Jim.

Bha Marathon Mòr L.A. ann an-diugh. Tha e coltach gu bheil am balach beag seo coma co-dhiu. Cha robh mi ann, ach bha luchd-Flickr gu leòr ann. Tha e furasda a’ deanamh blog còmhla ri luchd-Flickr. Taing mhòr do Lord Jim.

Thàinig an aimsir theth air ais cuideachd. Chan eil sin dona, ach bha beagan aimsir fhuar spòrsail (uill, cha robh ach 8-10 C, ach ‘sann fuar a tha sin ann an LA!) Bidh i 24 C a-maireach.

‘S urrain do dhaoine fhaotainn aithris làthail air an aimsir LA aig làrach-lìn filmeadair ainmeil David Lynch:

http://www.davidlynch.com/