Archive for the ‘Coitcheann’ Category

Càite bheil an t-uisge?

Friday, March 30th, 2007



Latha Sgòthach

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

‘S e a’ chiad latha dhen Earrach a bh’ann o chionn ghoirid. A bheil sibh a’ smaoineachadh gum bi a’ ghrian ann an L.A. gu brath? Cha bhi. ‘S e latha gruamach sgòthach fuar a bh’ann an-sin. ‘S docha gun robh beagan uisge ann, an-siud ‘s an-seo, ach cha robh uisge gu leòr ann gun teagamh.

Chan eil ach dà “ràith” ann an California a Deas: ràith thioram agus ràith fhliuch. Tha an ràith fhliuch a’ tighinn gu crìch a dh’aithghearr, ach cha robh i glè fhliuch idir. Bha i cho tioram am bliadhna seo gum bi cunnart theine ann fhathast.

Chan eil bliadhna nas tiorma riamh a rèir Seirbheis Nàiseanta na h-Aimsire. Bhon Iuchar 2006 cha do thuit ach 6.10 cm dhen uisge.

Agus an-diugh, tha teine mòr a’ losgadh ann am pàirc mhòr a’ bhaile fhèin…

L.A. Marathon

Sunday, March 4th, 2007



march07 150

Originally uploaded by Lord Jim.

Bha Marathon Mòr L.A. ann an-diugh. Tha e coltach gu bheil am balach beag seo coma co-dhiu. Cha robh mi ann, ach bha luchd-Flickr gu leòr ann. Tha e furasda a’ deanamh blog còmhla ri luchd-Flickr. Taing mhòr do Lord Jim.

Thàinig an aimsir theth air ais cuideachd. Chan eil sin dona, ach bha beagan aimsir fhuar spòrsail (uill, cha robh ach 8-10 C, ach ‘sann fuar a tha sin ann an LA!) Bidh i 24 C a-maireach.

‘S urrain do dhaoine fhaotainn aithris làthail air an aimsir LA aig làrach-lìn filmeadair ainmeil David Lynch:

http://www.davidlynch.com/


Tha an t-Oscar a’ dol do…

Friday, March 2nd, 2007

Ruairidh MacIlleathain! Meallaibh ur naidheachd, A Ruaridh, air taisbeanadh Litir do Luchd-Ionnsachaidh aireamh 400!! Agus taing mhòr mhòr o luchd-ionnsachaidh air feadh an t-saoghal. Ach cò an cuspair an 400mh litir ach… An Fhèinne agus Oscar fhèin!

Na Filmichean Goirid

Tuesday, February 20th, 2007



Na Filmichean Goirid

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Chaidh mi a dh’fhaicinn na filmichean goirid oidhche Domhnaich. Bha iad glè inntinneach. Chord dà fhilm glè mhath rium : Our Savior à Astralia agus The Good Idea à Senegeal.

Tha rionnag ùr aig… The Doors

Tuesday, February 13th, 2007


Tha rionnag ùr aig… The Doors

Cò eile? Faighibh a-mach an seo:

http://hollywoodchamber.net/icons/walk_fame.asp


Clàr taobh a-muigh Ionad Hollywood ‘s Highland

Sunday, February 11th, 2007

Clàr taobh a-muigh Ionad Hollywood ‘s Highland
Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Dè chì sinn taobh a-staigh?

IMG_0617.JPG

Lean gu dlùth ri cliù do shinnsre
– ars Fionn gu Oscar

Lùchairt na h-Oscars air Hollywood Boulevard

Wednesday, January 31st, 2007



Lùchairt na h-Oscars air Hollywood Boulevard

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Nach bu Oscar mac Oisein ic Fhinn? Uill, ‘se àm na h-Oscars an-dràsda ann an LA, agus ‘se àm glòir ar gaisgeach fhìn a th’ann.

Seo lùchairt na h-Oscars air madainn chiùil, abhaisteach aig deireadh an Fhaoillich. Bidh a h-uile rud a’ dol ag atharrachadh gu mòr san seachdainean ri teachd!

Glasraich na t-Samhain

Monday, November 13th, 2006



Glasraich na t-Samhain

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Thog mi an dealbh seo a bhon-dè. Tha sinn a’ toirt fàs air glasraichean geamhraidh a-nis aig taigh mo mhathair. Sin biotais agus leiteis agus càl collaig agus brocoillidh (brocolli).

Tuesday, November 7th, 2006

An Taghadh USA 2006

Monday, November 6th, 2006

Fiosrachadh-taghaidh

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

An Taghadh USA 2006

‘S abhaist dhomh bhòtadh a-riamh. Tha mi a’ dol a bhòtadh gu toilichte a-màireach. Am bheil sinn a’ dol a dh’atharrachadh an riaghladh? Tha mise ag iarraidh atharrachaidh e. Tha e coltach gu bheil an sluagh Aimearaganach ag aontachadh rium. ‘Se taghadh cudromach a th’ann aig an ìre nàiseanta.

‘Se taghadh aig ìre nan stàitean cuideachd. Tha Arnold Schwarzenegger (Republican) agus Phil Angelides (Democrat) a’ strì ri chèile airson oifis an riaghladair California. Tha an saoghal uile eòlach air Arnold. Chan e ach fear-poileataics abhaisteach a tha Phil, ‘s mar sin tha e air call cheana.