Archive for the ‘Coitcheann’ Category

An Taghadh USA 2006

Monday, November 6th, 2006

Fiosrachadh-taghaidh

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

An Taghadh USA 2006

‘S abhaist dhomh bhòtadh a-riamh. Tha mi a’ dol a bhòtadh gu toilichte a-màireach. Am bheil sinn a’ dol a dh’atharrachadh an riaghladh? Tha mise ag iarraidh atharrachaidh e. Tha e coltach gu bheil an sluagh Aimearaganach ag aontachadh rium. ‘Se taghadh cudromach a th’ann aig an ìre nàiseanta.

‘Se taghadh aig ìre nan stàitean cuideachd. Tha Arnold Schwarzenegger (Republican) agus Phil Angelides (Democrat) a’ strì ri chèile airson oifis an riaghladair California. Tha an saoghal uile eòlach air Arnold. Chan e ach fear-poileataics abhaisteach a tha Phil, ‘s mar sin tha e air call cheana.

Na bithibh gorach!

Tuesday, October 31st, 2006


IMG_4456

Originally uploaded by etara.

Oidhche shamhna ann an L.A. Chan eil cail a dh’fhios agam carson chuir na h-ughdarrasan casg air Silly String. ‘Se taigh-sinnse sporsail a th’ann an Frolic Room, faisg air Hollywood Blvd ‘s Vine, crois-rathaid gu math ainmeil.

Taing do Etara airson an deilbh!

Cha robh an t-uisge ann

Wednesday, October 25th, 2006


1_sm

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Coiseachd monaidh, doigh Caileafornach. Chan eil an geamhreadh a’ tighinn idir. Chunnaic sinn beagan fhèidh agus eòin gu leòr (dusan fithich a’ cluich air mullach, bha sin math dha riribh). Leughaibh storaidh an turais (‘sa bheurla) aig làrach-lìn an caraid agam Raibeart:

http://www.celsius1414.com/node/1283

0_sm

6_sm

‘Se foghar goirid a bh’ann.

Thursday, October 19th, 2006


Sunset Boulevard

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

An-dè agus an-diugh: soilleir ‘s brèagha ‘s blàth ‘s tioram ‘s teth. 30 *C!
Cha do mhaire am foghar gu fada. Tillidh e, tha sin gu cinnteach.

Thàinig am Foghar

Saturday, October 14th, 2006


LA Sunburst During Storm

Originally uploaded by StuSeeger.

Tha an t-uisge ann! Thàinig frasan beaga, troma tron bhaile an-dè. Feumaidh mi sgàilean-uisge ùr a cheannaic. Sin a’ chiad frasan o chionn a’ Ghiblean. Chan eil ach dà ràith na bliadhna aig Los Angeles: leth na bliadhna teth ‘s tioram, agus leth na bliadhna fliuch ‘s fuar.

Taing mhòr do StuSeeger o Fhlickr airson deilbh math Los Angeles fo frasan. Sin Hollywood aig ceann a’ bhogha-fhrois.

Nuair a bhios an t-uisge ann,

bi an adhar slàn, glan

Talpra, Magyar!

Friday, October 6th, 2006

Tha mi toilichte gum bi am prògram Eòrpa a’ toirt sùil air cuimhneachd cudromach – 1956 ann an Ungaire. ‘Se cuimhneachd cudromach dhomsa cuideachd. Bha m’athair an sàs ann.

A-rèir riaghaltas na h-Ungaire, tha coimhearsnachd mhòr chudromach de daoine ungaireach ann an L.A. Seo co-thuiteamas inntinneach. Chunnaic mi an carragh do na h-ungairich seo aig Square Mindszenty fad ‘sa bha mi a’ draibheadh tron bhaile a-raoir.

Dè tha “Talpra, Magyar” a’ ciallachadh? Leugh mu a dheidhinn an seo

Los Angeles County Museum of Art

Saturday, September 23rd, 2006

Los Angeles County Museum of Art
Originally uploaded by tazacacao.

Thàinig cairt-bhallrachd agam LACMA anns a’ phost an-dè. ‘Se taigh-tasgaidh mòr a th’ann, agus tha e air suidheachadh air Wilshire Boulevard ri toabh làraich ainmeil na Tar Pits LaBrea. Fhuair mi a’ bhallrachd fad ‘s a bha taisbeanadh dealbhan le David Hockney ann. ‘Sann saor do bhuill tha ticeadan thaisbeanaidh, agus gheibh mi ticeadan nuair a thoisicheas taisbeanadh Magritte ann an ùine ghoirid. Tha tachartasan eile agus filmichean gu leòr ann cuideachd. Bi mòran ri dèanamh anns a’ bhliadhna ri tighinn.

B’e 1964 an turas mu dheireadh

Tuesday, September 19th, 2006

agus chan eil ach 3 sgiobanan eile a rinn e riamh. Rinn na Dodgers 4 home runs leanmhainneach a-raoir. Abair gaisgich! Bha na Dodgers a’ call trì turas, bha an geama co-ionnan trì turas, ach bhuannaich iad anns an 10mh inning.

O Hollywood do Ghaidhealtachd na h-Eirinn

Thursday, September 7th, 2006

Meal do naidheachd, a Mhartain…!

Martin Sheen among first to register as a student at NUI Galway, Ireland
01 Sep 2006
spacer

Actor Martin Sheen has registered as an arts student at the National University of Ireland (NUI) Galway, taking classes in English Literature, Philosophy and Oceanography. Star of the acclaimed TV series ’The West Wing’, and of many memorable movies including Apocalypse Now and Badlands, Sheen will take a break from his illustrious acting career to immerse himself in campus life.

Martin Sheen is amongst the first of 15,000 students who will register over the coming weeks at NUI Galway. Around 1,500 international students travel to Ireland each year to study at the University, with almost half of those hailing from North America. The rich multi-cultural ambience on campus provides a dynamic backdrop to the student-centred and research-intensive university.

Ball-coise air clàr mòr mòr

Tuesday, June 13th, 2006

60 t. an àrd, ‘se deagh venue bhall-choise aig lùchairt-fhilm Grauman’s Egyptian Theater. ‘Se togalach ainmeil eachraidheil agus a’ chiad tarraing-luchd-turais Hollywood a th’ann an Egyptian.
Chaidh mi ‘sa mhadainn seo a dh’fhaicinn am maidse cupa na cruinne eadar an Fhraing agus an Eilbheis. ‘Se triùr a bh’annainn nar suidhe anns a’ bhalconaidh mòr aig 0900 m. Mise agus an caraid agam Bill agus duine à Dùn Èideann – ‘se Stuart an t’ainm a th’air – agus bha còignear luchd-taich Fraingeach nan suidhe shios. Bi ùidh ann am ball-coise aig mòran de dhaoine ann an LA, ach bha iad gun teagamh anns na taighean-seinnse air feadh a’ bhaile a tha fosgladh moch do luchd-leanmhainn.