Pròiseact inneal

February 19th, 2007

Chaidh mi a dh’fhaicinn taisbeanadh ùr aig Proiseact Inneal a-raoir ann an Echo Park

Chaidh mi an-sin còmhla ri bana-caraidean agam Leah agus Marcia. Bha Bill, duine aig Marcia, tinn agus dh’fhan e dhachaigh. As deidh a bhith coimhead an ealain, chaidh sinn gu Taix, taigh-bìdh Frangach air Sunset Boulevard, far an robh sinn ag ithe fheusgannan agus canard à l’orange agus ag eisteachd ceòl country-rock anns a’ bhar.

Tha tuilleadh fiosrachadh air Mark Allen agus Machine Project an-seo

Tha dealbh math a’ phìosa-ealaine an-seo

Ball-coise: L.A. Galaxy an aghaidh Oilthigh Loyola Marymount

February 16th, 2007

LMU vs. LA Galaxy

Bidh fhios aig a h-uile daoine gu bheil Dabhaidh Beckham a’ tighinn gu Los Angeles agus ‘sann aig sgioba LA Galaxy a bhuineas e. Uill tha Becks ann am Madrid fhathast, ach bha geam cairdeil ann an-dè eadar sgioba ùr aige agus sgioba à oilthigh fàisg air làimh. Chaidh mi a dh’fhaicinn an geam agus chord e rium glan. Bhuannaich LA Galaxy dà thadhal gu neoni.
‘Sann aig OLM (LMU ‘sa Bheurla) a bha mi nam oileanach, agus tha mi nam leabharlannaiche an sin a-nis. ‘Sann anns an earrach a thoiseachas an sèasan ball-coise proifeasanta ann an USA.

Seo dealbh eile. Airson tuilleadh dhealbhan, putaibh air – tha torr a bharrachd ann aig Flickr agam.

LMU vs. LA Galaxy

Adhartas a bharrachd an-diugh

February 15th, 2007

Adhartas

Thog iad na suidheachan an-dè. Sealladh eile shìos.

IMG_0683.JPG

Adhartas air an rionnag ùr cuideachd.

Rionnag na Doors: an treas latha

February 15th, 2007

Tha rionnag ùr aig… The Doors

February 13th, 2007


Tha rionnag ùr aig… The Doors

Cò eile? Faighibh a-mach an seo:

http://hollywoodchamber.net/icons/walk_fame.asp


Toiseach toiseachaidh

February 12th, 2007

gu soilleir?

Am bheil seo gu soilleir?

Toiseach toiseachaidh
Tha iad a’ toiseachadh na sràidean a dhùnadh agus ballan-bacaidh a chur suas.
Toiseach toiseachaidh

Tha torr luchd-tàireainteachd ann.

IMG_0657.JPG

Chan eil càil a dh’fhios agam dè nì am fear seo. Saoil gu bheil rionnag ùr a’ dol ann?

Clàr taobh a-muigh Ionad Hollywood ‘s Highland

February 11th, 2007

Clàr taobh a-muigh Ionad Hollywood ‘s Highland
Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Dè chì sinn taobh a-staigh?

IMG_0617.JPG

Lean gu dlùth ri cliù do shinnsre
– ars Fionn gu Oscar

Am Bàbilon Nuadh

February 6th, 2007

agus rinn iad gàirdeachas ann an obraichean an làmhan fhein 'Se Bàbilon a th'ann gu dearbh

agus rinn iad gàirdeachas ann an obraichean an làmhan fhein

“Seagh, thog sibh suas pàillean Mholoich, agus reul ur dè Remphan, dealbhan a rinn sibh a-chum adhraidh dhaibh: uime sin atharraichaidh mi sibh an taobh thall de Bhàbilon… “

Slighe nan reultan

February 5th, 2007

Seo pìos beag slighe nan reultan air beulaibh an Taigh-cluiche Kodak. Tha an t-slighe na ruith thar meadhan a’ bhaile. Thill deas-gnàth nan duaisean* do dh’Hollywood ann an 2002.

Walk of Fame Kodak Theatre

*awards ceremony a rèir faclair MhicThomais

Baile mòr, baile cruaidh

February 4th, 2007

Baile mòr, baile cruaidh

“Ciamar a tha Los Angeles?” Chuir Aonghas ceist dhomh. ” ‘Se baile mòr, inntinneach, cruaidh a th’ann,” dh’fhreagair mi. ‘Sann fàisg air Taigh-cluiche Kodak a bha an dithis seo nan cadal. Tha 80,000 daoine gun taigh ann an Siorrachd Los Angeles.